Go to: Indigenous Peoples' Literature Index






Indigenous Peoples' Literature

Gaelic Poetry (In Gaelic)


Dan Do Shean Ford

Tha buaidh air an uisge bheatha,
Tha buaidh air 's cha ghabh e cleith;
Tha buaidh air an uisge bheatha,
Dh'òlainn tè is fuar i.

An cuala sibh 's an àite so,
Mu'n Ford a fhuair an Lamanach;
Gu fan i far am fàgar i,
Mur tàirnear i cha ghluais i.

'S e sud an car tha cunnartach,
Ma thàras i air buill' thoirt dhuit;
An làrach far an cuir i thu,
Gu fuirich thu 'nad shuain ann.

Ma ghluaiseas e do do'n bhaile rith,
A steach Black Brook gu'n caillir i,
Cha dèan i cnoc Iain Shalaich dheth
'S cha toir a h-anail suas i.

'S gu'n d'thuirt Dòmhnall Angus ris
An déidh dha chuis a rannsachadh,
Tha 'n uidheam stiùiridh cam oirre,
Mu'n dèan i call, cuir uait i.

Nis crìochnaichidh mi'n dan so dhuibh
An dùil gu'n dèan sibh fabhar leam:
Na inssibh e do'n Lamanach,
Mur fàs e ann an gruaim rium.


Tha Mi Fo Chùram

Tha mi fo chùram a dhiu ro eileadh
Tha mi fo chùram 's fo mhoran tursa.
'S mo cheist air cùirteir a' bhrollaich ghlè-ghil.
Tha mi fo chùram a dhiu ro eileadh.

Tha mi fo ghruaimean
'S gur fhad o'n uair sin
Mo ghaol a' bhuachaill
'S cha chual e fhèin e.

Ma gheibh mi airgiod
A bheir air falbh mi,
Gu lean mi Tormod
'S cha dealaichinn fhèin ris.

Mo cheist an cìobair
Tha'n cois na frìthe
'S mo chridhe 'g innse
Nach dean e feum dhomh.

Nach mi bha gòrach
An duil ri pòsadh
Gun stoc gun stòras
Gun or gun Bheurla.


'S Gann Gun Dìrich Mi Chaoidh

'S gann gun dìrich mi chaoidh
Dh'ionnsuidh frìthean a' mhonaidh;
'S gann gun dirich mi chaoidh.

Fhuair mi litir a Dùn Eideann 'g ràdh
Nach feud mi dhol do 'n mhonadh.

'S tric a mharbh mi fiadh ard bheann
Air na glinn a b'àille culaidh.

Fàgaidh mi a nis an tir seo, chan fhaigh
M'inntinn sìth innt' tuilleadh.

Bheir mi ruaig gu còrs' nan Innsean
Feuch an dean mi fhìn am buinnig.


'S í Bláth geal Na Sméar í

'S í Bláth geal Na Sméar í
's í bláth deas na sú craobh í,
's í planda b'fhearr méin mhaith
le hamharc do shúl;
's í mo chuisle, 's í mo rún í,
's í bláth na n-úll gcumhra í,
is samhradh ins an fhuacht í
idir Nollaig is Cáisc.









Begin Your journey, learn the Steps to
Your Indian Ancestry
Beginners Lesson in Genealogy




American Indian Heritage Foundation
Indians.org Home | Indigenous Peoples' Literature Index Page

The Tribal Directory



The Indigenous Peoples' Literature pages were researched and organized by Glenn Welker.